Quantcast
Channel: Ficsean-saidheans – Air Cuan Dubh Drilseach
Viewing all 80 articles
Browse latest View live

Innis Tìlich agus nobhailean

$
0
0

Innis TileAnn an 2013, chaidh alt fhoillseachadh leis a’ BhBC a dh’agair gum biodh neach às gach deichnear ann an Innis Tìle air nobhail fhoillseachadh rè am beatha. B’ e ‘naidheachd bhreugach’ a bha sin ceart gu leòr, ach tha e iongantach an àireamh de leabhraichean a chuirear an clò anns an aon dùthaich mheanbh sin. A’ cleachdadh dàta bho 2010, thèid mu 1,100 leabhraichean fhoillseachadh gach bliadhna, ann an dùthaich le dìreach 320K duine a’ fuireach innte. Ga chur an coimeas, tha mu 58K labhraiche Gàidhlig againn, agus can gu bheil 29K (an dàrna leth) litearra sa chànan, nam bitheamaid a’ foillseachadh aig an aon ìre, thigeadh mu 100 leabhar Gàidhlig a-mach an clò gach bliadhna. Tha sin craicte! Tha mise ag iarraidh 100 leabhar Gàidhlig ùr gach bliadhna. Saoil, dè tha na cnapan-starra as motha a tha gar bacadh?



ACDD air Raidió na Life

$
0
0

B’ ann beagan sheachdainean air ais a rinn Róisín Adams on phrògram litreachais, Aon Scéal air Raidió na Life, agallamh le Eoin P. Ó Murchú mun eadar-theangachadh a tha e a’ dèanamh air ACDD bho Ghàidhlig na h-Alba gu Gàidhlig na h-Èireann, agus mur robh cothrom agaibh èisteachd ris, tha an t-agallamh a-nis ri cluinntinn air Soundcloud gu h-àrd. Cuideachd, rinn Aonghus ó Lochlainn lèirmheas air an nobhail agus coltach gun do chòrd i ris! Tha Eoin còir air a bhith ag obair air an eadar-theangachadh gu làidir fad greis a-nis, agus tha sinn an dòchas gun tig e a-mach an clò ann an ùine nach bi ro fhada. Tha mi fhìn a’ dèanamh fiughair mhòr ris. Bidh e aibheiseach math!


Gàidheal-Con 2018!

$
0
0

Ayewrite2018
Air an 23mh latha dhen Mhàrt, bidh mi fhìn, Daibhidh Eyre is Iain Fionnlagh MacLeòid a’ bruidhinn aig an fhèis-leabhair, Aye Write, ann an Glaschu mu fhicsean-saidheans ùr anns a’ Ghàidhlig. Gheibhear tiocaidean aig làrach-lìn Aye Write. Bidh eadar-theangachadh beò ga thabhann cuideachd, ’s mar sin, thigibh le ur caraidean uile!
caleideascop_cover_1The-Voyager

Chan Innis na Mairbh Sgeòil

Clàr-gnothaich Aye Write

Fasan Fànais agus So-fhaicsinneachd

$
0
0

nad aislingeanNuair a bha sinn a’ cruthachadh a’ chòmhlain-chiùil theicneo againn, Nad Aislingean, bha mi fhìn agus mo charaid, Anna Ròc, gu math titheach air a’ chòmhlan mas-fhìor, Gorillaz, agus a’ leantainn a’ chleas aig Damon Albarn agus Jamie Hewlett, sgrìobh mi seòrsa cùl-sgeulachd fhicsineach dhan chòmhlan againne. Cha do rinn mi mòran leis an sgeulachd sin, ach às dèidh dha Nad Aislingean tighinn gu crìch, lean mi orm a’ cnuasachadh mu fhear dhe na caractaran a chruthaich mi, duine saibeirneatach a rapadh, agus thàinig A-Hiom, agus an uair sin, ACDD air fad a-mach às an t-sìol bheag sin. Dh’atharraich an sgeulachd mòran an cois sgrìobhadh na nobhail, agus cha b’ ann mu Nad Aislingean a bha ACDD aig a’ cheann thall, ach chleachd mi eileamaidean dhith, agus nam measg, bha stòras de dhàin agam a sgìobh mi dha Nad Aislingean, ach nach do chleachd mi mus do sguir sinn, agus nochd cuid dhe na dàin sin (le beagan atharrachadh) anns an nobhail mar na rapan aig A-Hiom.

gaolO chionn greis, fhuair mi post-d bho Anna, a’ faighneachd am bithinn leagte leis nan dèanadh i lèine-T Nad Aislingean mar phàirt dhen loidhne-fhasain aig a’ chompanaidh dhealbhaidh aicese, Graficanna, agus fhreagair mi, gu dearbh fhèin, bhithinn! Tha na lèintean-T a-mach a-nis agus tha iad àlainn. Tha a h-uile rud a nì Anna garbh cruthachail agus bòidheach, agus thug e orm smaoineachadh air cho cudromach ’s a tha an obair aice, gu h-àraidh na lèintean spòrsail a nì i do chloinn. Fhad ’s a bhios nàdar coimhearsnachdan nan Gàidheal a’ caochladh bho choimhearsnachdan sgìreil gu lìonraidhean de labhraichean, bidh so-fhaicsinneachd mar a bheir bathar Anna dhuinn a’ sìor fhàs nas cudromaich. Is gaisgeach i!

O chionn greis a-nis, thog buidhean ‘leasachaidh’ ann an Slèite sanas mòr aig ceann rathaid Shlèite, gun ach bloigheag de Ghàidhlig air, agus coltach ri mòran eile, chuir e cais mhòr orm nuair a chaidh e an àird, agus fhathast, tuitidh mo chridhe beagan gach turas a thèid mi seachad air. Tha iomadh rud gòrach mun t-sanas seo ach ’s e an rud as miosa ’s gu bheil e a’ dubhadh às na 40% againn ann an Slèite a bhruidhneas a’ Ghàidhlig. Tha e gar falachadh mar nach eil sinn ann. ’S e a’ Ghàidhlig agus na labhraichean Gàidhlig a bheir spionnadh dhan sgìre agus a tharaingeas daoine a-steach, ach dìreach mar sin, thèid ar cleith le comataidh beag air choreigin, agus sin e. Saoilidh mi, gu math no olc, gur e strì mu sho-fhaicsinneachd a bhios romhainn tric is minig anns an àm ri teachd. Gu fortanach, tha Anna Ròc ga dèanamh uabhasach fasanta!

Welcome-To-Sleat

Maighstir Robot

$
0
0

B’ e Maighstir Robot am prògram t.bh as fheàrr leam an-dràsta, agus chan eil an sgot as lugha agam carson nach eil e nas mòr-chòrte na tha e. Chainte gur e seòrsa ficsean-saidheans ‘co-aimsireil’ a th’ ann, a-mach air teicneòlas an latha an-diugh agus a’ bhuaidh a th’ aige air ar comann, ach mar a tha a’ bhideo gu h-àrd ag argamaid, tha e fada nas fharsaing na sin, a-mach air an sgaiteachd, air an iomagain agus air an aonaranachd a tha air fàs uile-làthaireach nar bheatha anns an aona linn air fhichead.

Ach adhbhar air choreigin, cha bhi cus ga choimhead, agus chan eil fhios agam carson. Thòisich e gu mòr, ach a dh’aindeoin nan duaisean a choisinn e, agus a dh’aindeoin cho ùr-ghnàthach ’s a tha e anns a h-uile dòigh, tha na h-àireamhan a bhios ga choimhead a’ sìor a dhol sìos.

mr robot

B’ e am beachd aig Ideas At Play gu h-àrd nach eil am plot ro chudromach ann am Maighstir Robot, agus ged a tha mi a’ togail na tha e a’ leigeil, ’s e fìrinn na cùise gu bheil am plot aig a’ phrògram fìor theann-ghlacach. Ann an linn anns am bi mòran phrògraman gan dèanamh gun dealbh coileanta aig an sgioba sgrìobhaidh ro làimh (smaoinich air na caran gun chiall anns a’ phlot aig Lost no aig Battlestar Galactica), fhad ’s a thèid sinn air adhart tro Mhaighstir Robot, tha e follaiseach gun do chuir cruthaidhear a’ phrògraim, Sam Esmail, mòran smaoineachaidh anns a’ phlot aigesan, agus e a’ ceangal shnàithlean ri chèile gu dòigheil anns an treasamh ràith a thòisich e fada air ais anns a’ chiad ràith. Tha e uabhasach sgileil.

Ach a thuilleadh air sin, tha Maighstir Robot gu sònraichte cudromach air sàillibh ’s nach eil prògram eile againn coltach ris a bhios a’ cnuasachadh ann an dòigh cho dìreach air an t-saoghal anns a bheil sinn beò an-dràsta, saoghal de naidheachdan breugach, Donald Trump, caithris air-loidhne, cumhachd chorporra, olagarchachd eadar-nàiseanta gun smachd, agus m.s.a.a. ’S e linn làn eagail a th’ ann, agus ’s e Maighstir Robot an aon phrògram a bhios a’ sealltainn gu dìreach air an staing anns a bheil sinn gar lorg fhèin a-nis. ’S e an dearbh phrògram a tha a dhìth oirnn mun àm-sa, agus is duilich nach eile barrachd dhaoine ga choimhead. Saoil carson?

Graf via Wikipedia.

Mar a sgrìobhas tu leabhar Gàidhlig!

$
0
0

Tha co-ogha agam, Vijay Prashad, agus ’s e inneal a th’ ann nuair a thig e gu sgrìobhadh leabhraichean. Tha e an aon aois dhomhsa, agus 19 leabhraichean aige an clò a-nis, agus tha cuimhne agam nuair a bha mi na b’ òige bha mi bog-balbh: cha b’ urrainn dhomh tuigsinn ciamar a rinn e e. Bhiodh e a’ sgrìobhadh nan leabhraichean aige, ag obair mar òraidiche aig oilthigh, a’ siubhail tric is minig timcheall na cruinne, a’ lìbhrigeadh òraidean agus a’ cruinneachadh dàta dhan rannsachadh aige, b’ e athar a bh’ ann, agus fhathast, bha ùine gu leòr aige gu crochadh a-mach còmhla riumsa mar nach robh dragh sam bith air inntinn. Dè an cleas dìomhar a bh’ aige?

Anns a’ chùrsa agam, Gàidhlig is Conaltradh, bidh sinn tric a’ bruidhinn air nobhailean Gàidhlig agus nuair a chuireas mi a’ cheist: am bu toil leis na h-oileanaich agam nobhail Ghàidhlig a sgrìobhadh aon latha, bidh iad ag innse dhomh gur e an rud as motha a chuireas bacadh orra, ’s e faide na h-obrach. Tha e a’ faireachdainn do-dhèanta fada dhaibh, leabhar 50, 100, 150 mìle facal a sgrìobhadh, agus bha mi fhìn dhen aon bheachd uair. Thòisich mi sgrìobhadh airson tlachd nuair a bha mi san àrd-sgoil, ach bha sgrìobhadh rudeigin cho fada ri nobhail a’ faireachdainn thar mo chomais. Cha b’ ann gus an do sgrìobh mi an tràchdas PhD agam (93 mìle facal) a thuig mi gum b’ urrainn dhomh a leithid a dhèanamh, agus ged nach bi mi a-riamh cho torrach ri Vijay, tha tuigse nas fheàrr agam a-nis air mar a chumas tu ri pròiseactan sgrìobhaidh fada agus beatha àbhaisteach agad aig an aon àm.

Is glè bheag na daoine a tha soirbheachail agus fortanach gu leòr gu beò-shlàinte a dhèanamh à sgrìobhadh a-mhàin, le beatha a leigeas leotha sgrìobhadh làn-ùine. Don mhòr-chuid againn, feumaidh sinn sgrìobhadh a theachd mun cuairt air obair-latha, teaghlach agus dleasdanasan eile. Ach fhathast, bidh daoine (coltach ri Vijay) a’ cur crìoch air nobhailean no air leabhraichean eile fhad ’s a tha iad an sàs ann an drip làitheil am beatha, agus ’s e an cleas dìomhair aca mar as tric: cunbhalachd. Feumaidh tu ùine a lorg a h-uile latha, no a h-uile seachdain do sgrìobhadh, agus ma chumas tu gu dlùth ri clàr-ama sgrìobhaidh, mìos an dèidh mìosa, bliadhna an dèidh bliadhna, fiù ’s mas e dìreach leth-uair a thìde gach feasgar, latha buidhe, bòidheach air choreigin, ruigidh an t-each sgrìobhaidh agad am muileann agus bidh dreach leabhair agad. Ù hù!

Bidh cuid a’ sònrachadh uair air choreigin san latha do sgrìobhadh (m.e.: àm-norraige an cloinne, sa mhadainn mus dùisg a h-uile duine, air an trèana a dh’obair), cuid eile a’ teachd an sgrìobhaidh aca a-steach anns na beàrnan a nochdas nam beatha agus ag amas air àireamh sònraichte de dh’fhaclan gach latha no seachdain, agus tha mi fhìn air an dà ro-innleachd a chleachdadh gu soirbheachail, ach gus cumail ri sgrìobhadh fad mhìosan no fad bhliadhnaichean mar seo, tha brosnachadh a dhìth, agus tha mi air ionnsachadh, ge b’ e dè seòrsa clàr-ama sgrìobhaidh a leanainn, gun robh e na bhrosnachadh mhòr dhomh an àireamh de dh’fhaclan a chuir mi sìos gach seachdan a chlàradh. Tha an cleas seo rud beag nerd-mhòr, ach mholainn e. Tha e ag obair. Mar eisimpleir, tha mi dìreach air crìocha a chur air leabhar eachdraidh a-mach air an iomairt fhada ann an Dùn Èideann gus sgoil Ghàidhlig a chur air bhonn sa bhaile, agus seo an clàr agam dhe dh’fhaclan a sgrìobh mi thar nam bliadhnaichean mu dheireadh:

faclan_eachdraidh

Chithear gur e pròiseact reusanta fada a bh’ ann. Thòisich mi anns a’ Ghearran, 2015: ceithir bliadhna air ais. Le deasachadh, tha mi suas gu mu 103 mìle facal, agus mar sin, ’s e seo an leabhar as fhaide a sgrìobh mi a-riamh. Cuideachd, chithear nach do rinn mi adhartas cunbhalach air. Bha beàrnan ann, gu h-àraidh dà bhliadhna an dèidh dhomh tòiseachadh air obair ùr mar stiùiriche Ghàidhlig is Conaltradh agus a dhol fodha a’ sgrìobhadh a’ chùrsa sin as ùr, nuair nach robh de thìde agam obair air an leabhar idir. Ann an ùine cho fada ri seo, agus le greisean ann nuair nach b’ urrainn dhomh sgrìobhadh, thug e brosnachadh làidir dhomh a bhith a’ feuchainn ri an loidhne dhearg sin a ghluasad suas beag air bheag.

An coimeas, seo an clàr agam bho sgrìobhadh ACDD:

faclan_drilseach

Rinn mi adhartas na bu chunbhalaich air a’ chiad nobhail agam, agus cuideachd, chan eil i idir cho fada ris an leabhar eachdraidh gu h-àrd, mu 59k facal aig a’ cheann thall, ach rinn mi an t-adhartas seo uile aig an taigh, ag obair nuair a b’ urrainn dhomh, a’ sgrìobhadh aig bòrd a’ chidsin, air an oidhche agus aig an deireadh-sheachdain.

Tha rudeigin cho àrd-chùiseach mun t-sònrachadh nobhailiche ach chan eil dad seunta mu dheidhinn. Feumaidh tu dìreach suidhe sìos agus sgrìobhadh gu cunbhalach. OK, is cinnteach gu bheil fada a bharrachd an sàs ann an sgrìobhadh leabhair na dìreach càrnadh suas faclan, agus gu dearbh, rinn mi fhìn mòran obrach air a’ cheàird agam mar ùghdar mus do theann mi obair air nobhail, ach saoilidh mi gur e faide na h-obrach an rud as motha a chuireas stad air mòran daoine, agus is truagh sin. Tha  nobhailean ùra a dhìth oirnn, agus creididh mi gu làidir gu bheil nobhail Ghàidhlig (no deich) anns gach Gàidheal, tòrr mòr sgeulachdan sgoinneil a’ feitheamh annainn uile. Tha nobhail annaibhse gu cinnteach. Siudaibh a charaid, sgrìobhaidh leabhar!


Dà sheachdain!!!

Cymera

$
0
0

IMG-20190614-WA0008
Bha deagh oidhche againn aig an fhèis Cymera ann an Dùn Èideann. Bha sluagh mòr ann, cuid leis a’ Ghàidhlig aca, cuid eile bhon fhèis fhèin gun a’ Ghàidhlig aca idir. Gu cearbach, cha tàinig an uidheamachd eadar-theangachaidh, agus mar sin, bha againn ris an tachartas a dhèanamh eadar an dà chànan, ach dh’oibrich e math gu leòr, agus bha a h-uile duine san èisteachd air an dà thaobh foighideach, furanach. Rinn Maighstir Neithercut uabhasach mhath sa chathair, agus mo thaing shònraichte do Dhaibhidh còir, a chuir am beachd air adhart gu muinntir Cymera anns a’ chiad dol-a-mach.
IMG-20190614-WA0010
Dealbhan le Heather Clyne. Taing!

Eadar-theangachadh Os-theacsail

$
0
0

speuradair a' leughadh

Tha mi air mo dhòigh ghlan innse gun do rinneadh eadar-theangachadh de Air Cuan Dubh Drilseach gu Gàidhlig na h-Èireann!

Chan eil sinn buileach cinnteach fhathast cuin a bhios e a’ tighinn a-mach an clò, agus mar sin, cha chan mi an còrr mun fhoillseachadh fhèin an-dràsta. Bidh barrachd naidheachd agam mu sin an ceann tamaill bhig, tha mi an dòchas. Ach bu toil leam beagan innse mun ghnìomh eadar-theangachaidh a thug sinn chun na h-ìre seo, oir bha e àraid agus uabhasach inntinneach.

Bidh cuid agaibh eòlach air an acaideamach, sgrìobhadair agus irisiche Eoin Ó Murchú. Uil b’ e Eoin a rinn an t-eadar-theangachadh, ach seo an rud, bha taic aige … taic shaibeirneatach. Tha ùidh aig Eoin ann an tùr innealta, agus eadar-theangachadh innealta, agus bha e feòrachail, an gabhadh nobhail ann an Gàidhlig na h-Alba eadar-theangachadh gu Gàidhlig na h-Èireann leis an inneal eadar-theangachaidh Intergaelic?

Nis, cha robh Eoin an dùil gun dèanadh Intergaelic eadar-theangachadh leis fhèin a bhiodh math gu leòr airson foillseachadh. Gu soilleir, chan eil eadar-theangachadh innealta aig an ìre sin fhathast. Ach bha Eoin feòrachail, am b’ urrainn dha a chleachdadh mar a’ chiad cheum — .i. gun dèanadh Intergaelic a’ chiad ruith-seachad, agus an uair sin, gun sgioblaicheadh esan an toradh — agus an sàbhaileadh gnìomh dha leithid ùine dha?

B’ urrainnear am pàipear a sgrìobh Eoin mun ghnìomh a leughadh an seo. Is coltach gun do dh’oibrich an cleas glè mhath. Bha an t-eadar-theangachadh a rinn Intergaelic cuimseach math, no math gu leòr gun do rinn e an gnìomh eadar-theangachaidh mòran na bu luaithe uile gu lèir.

Anns a’ phàipear aige, tha Eoin a’ toirt iomradh air cuid dhe na ceistean eisteadaigeach, agus gu h-àraidh, na ceistean beusach a dh’èireas às an deuchainn seo. Agus sin an taobh a tha gu sònraichte inntinneach dhomhsa, agus gu math iomchaidh, saoilidh mi, ri taobh cuspair na nobhail. Gu dearbh, tha Eoin a’ cumail a-mach gur e seòrsa de dh’eadar-theangachadh os-theacsail a th’ ann: a’ dèanamh eadar-theangachadh de leabhar mu thùr innealta, le tùr innealta.

Gu cinnteach, tha an deuchainn aig Eoin a’ togail na ceist: an gabh na h-innealan ri obair nan eadar-theangairean uile gu lèir aon latha? Saoilidh mi fhìn, gur coltach, luath no mall, gun gabh iad ri ar n-obair uile. Saoilidh mi nach e ceist a th’ ann an gabh tùr innealta ris an obair againn uile ach cuin?

Robotan … agus cat!

$
0
0


Nan dèante geama gu sònraichte dhomhsa, bhiodh e dìreach coltach ris an fhear ùr seo, Stray. Anns a’ gheama, tha a’ cluich cat a tha air chall ann am baile saibeir-punc, làn robotan, agus feumaidh tu do shlighe dhachaigh a lorg. Ro mhath! Chan eil e a-mach fhathast; tha iad a’ bruidhinn mu 2021, ach gu dearbh, tha mi a’ dol ga fheuchainn.

Sgrìobhadh Ficsein mar Ionnsachadh Cànain

$
0
0

Air ath-phostadh bhon Foundation for Endangered Languages:

A novel way to learn a minority language: Writing a novel in the language

Tim Armstrong

Tim Armstrong is a Senior Lecturer in Gaelic and Communication at Sabhal Mòr Ostaig, the Gaelic college on the Isle of Skye, and his novel, Air Cuan Dubh Drillseach, won the 2013 Saltire Society award for best first novel.

At this year’s conference, FEL24, Tim delivered a plenary on minority language learning in tertiary education as well as gave a reading of Gaelic novels in the evening.  This blog post draws on both talks and the lively discussions that followed afterwards.

I write science fiction in Scottish Gaelic, and when asked why, I have to admit that my reasons are fairly prosaic. While do I hope that my novels might eventually contribute in some way to the continuing vitality of the language; truthfully, that’s not why I do it.

The fact is that I just really enjoy writing—but also, writing long fiction in Gaelic is a great way for me to continue to work on my proficiency in the language.

Leugh barrachd…

Tinte na Farraige Duibhe

$
0
0

Tha mi air mo dhòigh innse gum bi eadar-theangachadh de ACDD gu Gàidhlig na h-Èireann a’ tighinn a-mach an clò a dh’aithghearr. Ga tionndadh gu Gàidhlig Èireannach le Eoin P. Ó Murchú agus ga foillseachadh le Leabhar Breac, tha sgeulachd uabhasach inntinneach air cùl an eadar-theagachaidh, agus sgrìobh mi beagan uime an seo. Agus ma tha a’ Ghàidhlig sin agaibh, thèid a reic greis le lasachadh air a’ phrìs bho €15.00 gu €12.00. Nach e sin an salann saor!

Tadhail air na Hasta!


Clàr aig 25!

Agallamh le Eoin…

$
0
0

Bha cothrom agam bruidhinn ri Eoin P. Ó Murchú agus sinne a’ cabadaich mun nobhail agus mun eadar-theangachadh a rinn e. Chuir Eoin na ceistean orm sa Ghàidhlig aigesan, agus dh’fhreagair mise sa Ghàidhlig agamsa. Bha tòrr spors agam a’ bruidhinn ris: dithis bhodach a’ cur an t-saoghail ceart, ach saoil, an tuig duine beò na thuirt sinn!

The Ultra Violet Grasslands and the Black City

$
0
0

ʾS e The Ultra Violet Grasslands and the Black City geama cleasachd ficsean-saidheans le Luka Rejec suidhichte ann an saoghal meatailt saidhg-dàlach, agus thàinig an leth-bhreac agam sa phost corra latha air ais. Tha e dìreach barraichte…

Am bliadhna, ri linn Covid, thòisich mi a’ cluich Bruidhnean is Teintidhean (Dungeons & Dragons) a-rithist, a’ chiad uair ann an mu thrichead bliadhna, ach an turas seo, le mo theaghlach air Zoom gach seachdain, agus bha e gabhaidh spòrsail. Chan eil mi air mo theaghlach fhaicinn anns na Stàitean ann an cha mhòr dà bhliadhna, agus bha e ro mhath cothrom fhaighinn cabadaich is gàireachdainn ri chèile fad uair a thìde gach Didòmhnaich.

Air sàillibh Covid agus a’ ghlasaidh-shluaigh is dòcha, tha D&D agus geamannan cleasachd dha leithid a’ sìor fhàs nas mòr-chòrdte an-dràsta, ach cuideachd, tha an cultar mun cuairt air na geamannan seo air caochladh agus air iomadachadh mòran bhon a bha mi fhìn nam dheugair agus gan cluich tràth anns na h-ochdadan. Mar eisimpleir dhen iomadachd seo, thàinig mi thairis air na bhideoan aig Ben bho Questing Beast mu Ath-bheothachadh na Seann-Sgoileadh ann an saoghal nan geamannan cleasachd. Bha mi air beagan a chluinntinn mar-thà mun fho-chultar seo, gun robh e car coltach ri fo-chultar nan iriseagan (zines) an lùib saoghail punc, gum biodh daoine a’ cruthachadh nan geamaichean cleasachd aca fhèin, air am foillseachadh gu neo-eisimealach, ach an dèidh dhomh coimhead tro na bhideoan aig Ben, chuir e iongnadh orm cho àlainn ʾs a bha cuid dhiubh. B’ e obair ealain a bh’ annta.

Chaidh mo ghlacadh gu sònraichte leis an fhear seo, The Ultra Violet Grasslands and the Black City, ga sgrìobhadh agus ga dhealbhachadh Luka Rejec, agus ga fhoillseachadh le Exalted Funeral. B’ e an ealain sa gheama a ghlac m’ aire an toiseach. Tha na dealbhan aig Rejec craicte brèagha, ach chòrd bun-nòs a’ gheama rium cuideachd: geama ficsean-saidheans suidhichte ann an saoghal meatailt saidhg-dàlach, le eileamaidean den ghnè an Saoghal a’ Bàsachadh agus dhen gheama Oregon Trail air an cothlamadh a-steach. Chuir mi òrdugh gu Exalted Funeral, agus an dèidh mòran mhìosan, thàinig an leth-bhreac agam beagan làithean air ais. An dèidh dhomh a leughadh a-nis, b’ urrainn dhomh a ràdh gum b’ fhiach e am feitheamh gun teagamh.

ʾS e a’ chiad rud a chanainn, mur h-eil cuideigin eòlach air D&D no geamannan cleasachd mar-thà, chan eil UVG a’ dol a dhèanamh cus ciall dhaibh. Chan e “geama inntrigidh” a tha seo, agus tha D&D fhèin fada nas fheàrr anns an t-seagh sin. Cuideachd, cha b’ e geama do chloinn a tha seo idir. Chan e ʾs gu bheil e gu sònraichte drabasta no dad mar sin, ach a’ smaoineachadh air na nieces is nephews agam, cha chreid mi gun gabhadh iad mòran ùidhe anns na tèaman is cuspairean na chois.

Tha an geama seo ag amas air inbhich, agus gu sònraichte air daoine a tha measail air an stoidhle chluiche ris an canar taigh-cluiche na h-inntinne: ag innse sgeulachd ri chèile bho sgafall togarrach ach tana, agus le siostam de riaghailtean aotram. Tha an geama seo mòr, agus chite gum b’ urrainnear a chluich fad mhìosan, ach tha e cuideachd “gann” ann an seagh: tha an t-ùghdar a’ fàgail mòran spas dha na cluicheadairean a bhith a’ togail an t-saoghail mun cuairt orra fhad ʾs a thèid iad air adhart.

ʾS e sructar a’ gheama “siubhal bho phuing gu puing”. Bidh thu fhèin agus na cluicheadairean eile nur dàna-chuairtearan ann an carabhan a tha a’ siubhal tron Mhacair Os-Bhìolait a dh’ionndaigh a’ Bhaile Dhuibh, a’ lorg ionmhas agus chothroman malairt, agus a’ tachairt ri annasan air an rathad, cuid dhiubh cunnartach. Tha na h-annasan a chruithich Rejec dìreach sgoinneil, ach tha sructar a’ gheama aige a’ brosnachadh nan cluicheadairean agus an rèitire a bhith a’ ruith leis na beachdan aige agus a’ cleachdadh a’ mhic-mheanmna aca fhèin. An àite mhìneachaidhean fada no mapaichean mionaideach, tha an geama ga dhèanamh, gu h-ìre mhòir, a liostaichean de bheachdan air na dh’fhaodadh tachairt.

Mar eisipleir, ma thèid an carabhan agad tron “Forest of Meat”, bidh an rèitire a’ cur dìsinn 12-taobhach, agus a’ taghadh bho lìosa de cothroman agus chunnartan a dh’fhaodadh tighinn am bàrr, agus ma gheibh sibh ochd, mar eisimpleir, seo an suidheachadh:

Cult of the Final Machine has created a botano-mechanical horror that gestates from instar to instar in the bodies of mammals, adapting and growing as it does so. One has picked up the caravan’s trail.

td 119

Chan eil barrachd stiùiridh ann na sin. Feumaidh an rèitire agus na cluicheadairean obrachadh a-mach ri chèile dè tha sin a’ ciallachadh, agus sgeulachd a chruthachadh bho chriomaigean beaga mar seo, agus ʾs e sin an spòrs! Tha an inntinn aig Rejec da-rìribh fiar, toinnte ann an seagh math, agus tha an geama lom-làn bheachdan mar a leithid shuas. Chan eil fios agam cuin a bhios cothrom agam fhìn an geama seo a chluich, ach tha e a’ toirt tlachd dhomh dìreach a bhith a’ leughadh troimhe mar sheòrsa pìos ficsein, a’ coimhead air an ealain mhiorbhailich, agus a’ gàireachdainn air na beachdan àraid, cruthachail aig Rejec. Mholainn gu mòr e.

Agallamh Rèidio le Màrtainn còir!

$
0
0

Feasgar Diardaoin, 22/2/24, aig 9, bidh mi nam aoigh air a’ phrògram-chiùil aig Màrtainn Atherton. B’ urrainnear èisteachd ris air an latha an seo: cambridge105.co.uk. Bidh sinn a-mach air ceòl punc Gàidhlig agus ficsean-saidheans, agus is dòcha gun cluich e òran Mill a h-Uile Rud na ruith. Mo chreach!

Lèirmheas: Dune 2

$
0
0

Choimhead mi Dune 2 a’ chiad uair air an sgàilean mhòr aig a’ Highland Cinema anns a’ Ghearasdan na bu tràithe am bliadhna, agus nuair a thàinig mi a-mach às an taigh-dheilbh, bha mi air chrith. Cha chreid mi gun tug film eile an aon bhuaidh orm on a chunnaic mi a’ chiad Star Wars anns an taigh-dheilbh is mi nam bhalach bheag air ais an 1977. Cheannaich mi an DVD, agus choimhead mi a-rithist e thar an deiridh-sheachdain corra thuras, agus ged nach robh an aon bhuaidh aige air an sgàilean bheag, bha e fhathast uabhasach math.

Tha fios gun robh mòran iomagaineach, agus ’s e faochadh a th’ ann gu bheil e cho math ’s a tha e. Bha an leabhar cianail cudromach dhomh nuair a bha mi òg, agus easbhaidhean an dàrna taobh, tha mi cuideachd measail air a’ film aig David Lynch. Bha a’ chiad film anns an t-sreath ùr seo glè mhath, ach bha fios gum biodh an dùbhlan a bu mhotha ri thighinn anns an dàrna fear. An soirbhicheadh le Denis Villeneuve far nach do shoirbhich le Lynch no Alejandro Jodorowsky roimhe?

Ann am meadhan nan seachdadan, nuair nach deach e le Jodorowsky, dh’fhalbh George Lucas, agus rinn e Star Wars, a bha, gu h-ìre mhòr, na thionndadh faoin ach spòrsail air an sgeulachd aig Frank Herbert, agus leis an fhìrinn innse, is dòcha gum b’ e deagh rud a bha sin. B’ e film às na 70an a bh’ ann an Star Wars gu a chùl. Cha chreid mi gum freagradh an Dune aig Villeneuve air an linn sin, ach tha e a’ faireachdainn buileach iomchaidh dhan linn againne, le a chnuasachadh air cumhachd agus air a’ chunnart an cois ceannardais mhesiasaich.

’S e film dorcha gun dòchas a th’ ann, agus ’s ann mar sin a lorg mi an nobhail nuair a bha mi òg. Tha an saoghal aig Dune uile gu lèir Machiavellianach. ’S e deachdairean geur-chùiseach a th’ ann an teaghlach Paul Atreides, dìreach rud beag nas sìobhalta na an teaghlach Harkonnen, ach iad nan deachdairean fhathast. Agus còmhla ris na Bene Gesserit, an Spacing Guild, an Iompaire fhèin: tha iad uile a’ cluich an aon gheama chumhachd, geama gun iochd. “This world is beyond cruelty,” mar a chanas Paul anns a’ film, agus tuigear gu bheil e a-mach air an t-saoghal aige air fad, chan ann a-mhàin air Dune fhèin.

Tha Dune 2 dìleas dhan lèirsinn dorcha a thug buaidh cho làidir orm nuair a bha mi nam bhalach, agus nach do bhris e mo chridhe a-rithist, ceathrad ’s a chòig bhliadhna air adhart, air latha dorcha, fliuch, ann am baile beag, glas, fada on bhaile mhòr, uaine, làn dòchais far an d’fhuair mi m’ àrach òg.

Viewing all 80 articles
Browse latest View live