Quantcast
Channel: Ficsean-saidheans – Air Cuan Dubh Drilseach
Viewing all 80 articles
Browse latest View live

An Duine Ur le Rob Shirley

$
0
0

An dèidFrontispiece_to_Frankenstein_1831An Introduction to Gaelic Fiction le Morray Watson a leughadh, thàinig e a-steach orm gu bheil an t-uabhas de sheann sgeulachdan ficsean-saidheans againn anns a’ Ghàidhlig nach do leugh mi fhathast, agus mar sin, tha mi nis ag obair tron liosta aige agus a’ feuchainn ri a’ bheàrn sin nam eòlas a lìonadh. Tha mi an dèidh post a chur suas mu ‘An t-Eilean Céin’, agus an tràth seo, bheir mi iomradh aithghearr air sgeulachd le Rob Shirley a thàinig a-mach ann an Gairm 38 ann an 1961, ‘An Duine Ur’.

Tha ‘An Duine Ùr’, ann an seagh, na leudachadh air na tèarmannan ann am Frankenstein le Mary Shelley, agus i air a stèidheachadh ann an aonad ann an Alba anns an àm ri teachd far an dèanar glèidheadh agus ath-chuairteachadh bhall-bhodhaig dhaoine. An cois na h-obrach aca, ’s urrainn dha na lighichean cuirp ath-bheothachadh a-rithist, agus anns an sgeulachd, leanaidh sinn ceannard an aonaid tro aon latha àbhaisteach a thig gu ceann annasach dha.

Tha an sgeulachd glè ghoirid, agus mar sin, chan eil cus cothrom aig Shirley na tèarmannan aige a leasachadh ro fhada, ach tha an sgeulachd air innse gu math agus tha e soilleir gun robh Shirley ag amas air fìor sgeulachd fhicsean-saidheans a bhiodh a’ meòrachadh air beusan innleadaireachd bitheòlaich. Tha aon earrann innte an bha gu sònraichte aognaidh dhomh, nuair a thèid nighean ath-bheothachadh ann an corp grànda agus an aghaidh a toil, agus anns an fharsaingeachd, tha Shirley air faireachdainn an-fhoiseil a chruthachadh a ruitheas tron sgeulachd chun an deiridh gun-dùil.  Chuir Shirley car ‘spioradail’ ann an earball na sgeulachd, agus ged dh’iarradh tu barrachd ullachaidh dhan char seo ann an sgeulachd na b’ fhaide, taobh a-staigh crìochan na sgeulachd goiride, tha mi am beachd gu bheil e ag obair.

Mar mheòrachadh air innleadaireachd bhitheòlach tràth ann an eachdraidh rosg nuadh Ghàidhlig, b’ e sgeulachd adhartach eachdraidheal a bh’ ann, agus saoilidh mi nach do chaill i a’ bhuaidh anns na bliadhnaichean a chaidh seachd. Mar a chunnacas anns The International Summit on Gene Editing mìos sa chaidh, tha innleadaireachd bhitheòlach na cùis chonspaid fhathast, agus air an adhbhar sin, tha ‘An Duine Ur’ a cheart cho puingeil co-aimsireil an-diugh sa bha i nuair a chaidh a foillseachadh còrr is 50 bliadhna air ais.



Star Wars saibeir-punc

$
0
0

starwarssaibeirpuncChunnaic mi Star Wars: The Force Awakens ann an taigh-dealbh ann an Shibuya ann an Tokyo; abair àite saibeir-punc gus Star Wars fhaicinn! Dh’ath-bheothaich am film ùr a h-uile dealas a bh’ annam nuair a chunnaic mi a’ chiad film ann an 1977. Bha e sgoinneil. Air a’ cheann sin, tha CG+ air farpais a chumail far an cruthaichear saoghal Star Wars ann an stoidhle ùr, agus tha mi gu sònraichte titheach air a’ chothlamadh seo de Star Wars agus Blade Runner, an dà film ficsean-saidhean as fheàrr leam ri chèile. Tha fada a bharrachd phìosan math mar seo rim faicinn aig làrach-lìn na farpais.

Via Kotaku.


Yanis Varoufakis: Star Trek no am Matrix?

$
0
0

A thuilleadh air drilseach.net, tha mi a’ cumail blog eile, The Socialist Entrepreneur, agus nuair a chunnaic mi a’ bhideo sgoinneil gu h-àrd, bha fios agam sa bhad gun robh mi ag iarraidh a cur suas air fear dhe na blogan agam, ach cha robh e idir cho soilleir dhomh cò am fear a b’ fheàrr dhi. Air an dàrna làimh, tha Varoufakis a-mach air a’ bhuaidh a bhios aig deamocrasaidh (no cionn deamocrasaidh) air leasachadh na singilteachd teicneòlach, cuspair faisg air a’ bhlog seo, ach air an làimh eile, tha Varoufakis a’ moladh seòrsa siostam de dheamocrasaidh eacanomach a tha gu math coltach ri sealbhachd-obraiche, cuspair aig teis meadhan The Socialist Entrepreneur. Ach aig deireadh na cùise, creididh mi gum buin a’ bhideo gu h-àrd dhan bhlog seo gu sònraichte, air sàilleabh ’s gun do chleachd Varoufakis iomraidhean air ficsean saidheans gus a’ phuing aige a shoilleireachadh mun bhuaidh a bhios aig automatachadh air ar comann anns an àm ri teachd, .i., am fosgail saoghal ùr iar-ghainneid dhuinn, coltach ri Star Trek, no saoghal uabhasach diostopach mar am Matrix, agus a rèir Varoufakis, tha an t-slighe romhainn uile a’ crochadh air a’ cheist, am b’ urrainn dhuinn deamocrasaidh a thoirt air ais dhan eaconomaidh? Òraid mhaighstireil a th’ ann. Saoilidh mi gur e bhideo eachdraidheil a tha seo, agus tha mi an dòchas gum faicear fad is farsaing i.


Sgeul Sci-Fi

$
0
0

  Tha sreth ùr ga chraoladh an dràsta air BBC Radio nan Gaidheal, Sgeul Sci-Fi, ga liubhairt le Michelle NicDhòmhnaill. Anns a’ chiad prògram, tha i a’ toirt sùil air tùs a’ ghnè, còmhla ris na gaisgich, Craig Atkins, Gavin Humphreys, Alasdair MacCallum agus Dòmhnall Dòmhnallach, agus ann am prògram ri teachd, nochdaidh mi fhìn! Abù SF!


Ficsean sreathach

$
0
0


Tha mi air a bhith a’ cnuasachadh air ficsean sreathach mòran o chionn greis, agus mar thurchairt, dh’fhoillsich Nerdwriter a’ bhideo gu h-àrd beagan làithean air ais a-mach air an dearbh chuspair. Is toil leam na th’ aige ri ràdh mun chothrom a bheir ficsean sreathach dhan sgrìobhadair sgeulachdan mòran nas motha a chruthachadh, le grunn mòr charactaran nan lùib agus iomadh fo-sgeulachd fighte nam broinn.’S e rud glè tharraingeach a tha sin dhomh. Sin an seòrsa sgeulachd fhicsean-saidheans is fheàrr leam leughadh agus bu toil leam gu mòr a leithid a sgrìobhadh mi fhìn. Tha e a’ toirt orm smaoineachadh…


#SCOTLITFEST

$
0
0

feislitalba-header

Tha mi gu math toilichte innse gum bi mi fhìn is Meg Bateman a’ nochdadh aig tachartas ùr-nodha, Googlehangout aig #SCOTLITFEST. Cha do rinn mi a leithid a-riamh agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri faicinn mar a bhios e ag obair. Bidh e coltach ri seisean aig fèis-leabhair, ach an àite a bhith a’ nochdadh nar feòl mar gum biodh, bidh Meg is mi fhìn a’ nochdadh air craoladh beò air Google+ agus air Youtube. Ma tha sibh ag iarraidh an seisean a choimhead beò, leanaibh na ceanglaichean gu h-ìosal, no, an dèidh an Googlehangout, nochdaidh bhideo air Youtube a dh’fhaodadh sibh coimhead uair sam bith. Bidh an craoladh beò a’ tòiseachadh Didòmhnaich an 26mh dhen Òg-mhios aig meadhan latha BST (GMT+1). Gun cuir sibh ceistean cruaidh oirnn!

An hangout air:   Google+   no   Youtube


#FÈISLITALBA

$
0
0

Ma chaill sibh an còmhradh eadar Meg is mi fhìn, seo e air youtube. Saoilidh mi gun deach e uabhasach math. Chì sibh na ceitean aig Google Hangout. Ar taing do #fèislitalba, do Laura a chuir air dòigh e, agus do Chatherine a chùm an còmhradh a’ dol le ceistean.


Saorsa agus litreachas ùr na Gàidhlig

$
0
0

Tha Mark Ó Fionnáin air alt smaoineachail fhoillseachadh a tha a-mach air ACDD, agus na chois, rinn e meòrachadh air an t-saorsa a bheir litreachas nuadh dhan Ghàidhlig. ’S e an tràchdas aig Ó Fionnáin gun leudaich litreachas ùr a’ Ghàidhlig gu raointean ùra, ga h-uidheamachadh gus an saoghal nuadh a riochdachadh, agus ga saoradh bho eisimeil na Beurla anns an t-seagh sin. Tha mi a’ dol leis gu bheil litreachas nuadh garbh cudromach do chor na Gàidhlig agus thug an t-alt aige orm smaoineachadh air an alt aig Moshe Nahir agus esan am beachd gun robh ath-bheothachadh litreachas na h-Eabhra anns an naodhamh linn deug air leth cudromach do shoirbheas ath-bheothachadh na h-Eabhra fhèin anns an fhicheadamh linn, ag uidheamachadh a’ chànain arsaidh airson cleachdadh anns an latha an-diugh. Chòrd e rium gu mòr nuair a bha mi a’ sgrìobhadh ACDD feuchainn ri saoghal eadar-reultach a riochdachadh anns a’ Ghàidhlig, a’ cluich leis a’ chànain agus a’ feuchainn ri Gàidhlig iomchaidh a lorg do shuidheachadh na nobhail. Tha mi cinnteach gun lorg ùghdaran eile an aon tlachd nuair a bhios iadsan a’ sgrìobhadh sa Ghàidhlig, agus saoilidh mi gur ann tro chluich chruthachail dha leithid a nì sinn a’ Ghàidhlig beò mar chànan labhairte bho linn gu linn.

Nahir, Moshe (1998) “Micro Language Planning and the Revival of Hebrew: A Schematic Framework.Language in Society, 27(3), 335–357.

Ó Fionnáin, Mark (2016) “Freedom, real and unreal, in Air Cuan Dubh Drilseach.” Ann an Aniela Korzeniowska agus Izabela Szymańska (deas.) Scottish Culture: Dialogue and Self-Expression. Warszawa: Wydawnictwo Naukowe Semper. 277–286.



Akira 2016

$
0
0


Is gasta leam a’ bhideo seo. Tha i àlainn. Còmhla ri Blade Runner, bha Akira teis-meadhanach ann an stèidheachadh coltas lèirsinneach a’ genre ùr, saibeir-punc, anns na h-ochdadan. An seo, tha dithis air cuid dhe na seallaidhean as ainmeile anns a’ film a chruthachadh a-rithist, a’ cleachdadh teicneòlas diditeach, agus nach i a tha brèagha. Tha am fòcas anns a’ bhideo gu h-àrd air a’ mhotorothair aig Shōtarō Kaneda. Craicte math — tha mi ag iarraidh fear, no co-dhiù, an t-seacaid aig Kanada. Capsules abù!

via io9.com


Na Balaich Bhiastail

$
0
0

An toiseach, cha robh mi cho dèidheil air na trailearan do Rogue One. Nuair a thàinig an trailear do The Force Awakens a-mach, choimhead mi iomadh uair e, agus bha mi air bhioran, ach cha robh an aon ireapais orm mun ath film gus am faca mi an t-ath-mheasgachadh seo, Star Wars is Sabotage le na Beastie Boys. Fada nas fheàrr. Tha mi air bhioran a-nis!


Fèis Litreachais Dhùn Dè

$
0
0

dundee
Tha mi toilichte innse gum bi mi a’ nochdadh aig Fèis Litreachais Dhùn Dè am bliadhna, air an Dihaoine, 21 an Dàmhair, aig 11m ann an Talla a’ Bhanna, Oilthigh Dhùn Dè. Bidh mi air an àrd-urlar còmhla ri Matthew Fitt, fear a sgrìobh nobhail fhicsean-saidheans ann an Scots, But n Ben A-Go-Go. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri tachairt ri Matthew, agus ma tha sibh faisg air Dùn Dè, bhiodh e math ur faicinn ann!


Steall!

$
0
0

steall1Tha naidheachd air leth agam an-diugh: thèid iris litreachail ùr a chur air bhog aig deireadh na mìosa, iris litreachail Ghàidhlig, agus bidh rosg bhuamsa na broinn! Chan urrainn dhomh cus a ràdh aig an ìre seo, ach thig barrachd naidheachd a-mach an ceann greis. Chì sibh gu bheil làrach-lìn ùr aig CLÀR ― www.clar.online ― agus air an làraich, chì sibh gu bheil beagan fiosrachaidh am follais mun iris. Bidh am bogadh ga chumail aig Siempre Bicycle Cafe, Partaig (ri taobh Fo-thalamh Kelvinhall), Glaschu, 7.00f air Diardaoin, 27 an Dàmhair, agus uaireigin ron sin, cuirear clàr-innse na h-irise suas air an làraich ùir. ’S ann an uair sin as urrainn dhomh barrachd innte mun sgrìobhadh agam fhìn innte. Cumaibh sùil air an làraich seo ― tha e a’ dol a bhith uabhasach math!


A’ còmhradh ri Matthew Fitt an Dùn Dè

$
0
0

Bha cothrom agam tachairt ri Matthew Fitt aig Fèis Litreachais Dhùn Dè an-dè. Bha deagh chòmhradh againn air an àrd-ùrlair, le Pàdraig MacAoigh sa chathair. Chaidh an ùine seachad cho luath! Is duilich nach robh barrachd tìde againn do cheistean. Meal-a-naidheachd a Phàdraig cuideachd, a tha air a’ gheàrr-liosta aig Duais Chomann Crann na h-Alba airson an leabhair bhàrdachd aige, Gu Leòr/Galore. Math a rinn thu!

dunde
Fòto le Literary Dundee.


An Luingeas Dorcha air Fàire

$
0
0

cover_luingeas

Tha e a’ toirt gàirdeachas mòr dhomh innse gum bi an nobhail ùr agam a’ tighinn a-mach ann an sreath am broinn na irise ùire, STEALLAn Luingeas Dorcha air Fàire as ainm dhi, agus ’s ann innte a bhios sinn a’ leantainn Sàl, Rìosa, A-Hiom agus ghrunnan charactaran ùra anns na dàna-chuairtean aca an dèidh Air Cuan Dubh Drilseach. Thig caibideil ùr a-mach anns gach eagran dhen iris, a’ tòiseachadh leis a’ chiad chaibideil ann an STEALL 01:  “Sia Òirlich bhon Ghrèin.”

Tha an nobhail ùr seo air a bhith anns a’ bheairt fad greis mhòr, agus bha mi gu spreidheadh le iorpais, ag iarraidh an naidheachd a sgaoileadh. Tha mi air mo dhòigh ghlan a-nis gum b’ urrainn dhomh bruidhinn uimpe. Cha chan mi cus an seo mun sgeulachd fhèin ge-tà, ach gun nochd mòran dhe na prìomh charactaran bho ACDD innte.

Cuideachd, tha mi ag iarraidh a ràdh gu bheil mi uabhasach taingeil gun do dh’aontaich CLÀR gun nochdadh an nobhail ann an sreath ann an STEALL. ’S e leasachadh air leth cudromach a th’ ann an STEALL agus ’s e urram a th’ ann a bhith a’ gabhail pàirt ann.

Bidh STEALL 01 ga cur air bhog ann an Glaschu air an Diardaoin seo tighinn agus bidh mi fhìn ann, a’ leughadh bhon chiad chaibideil. Ma bhios sibh geàrr air Glaschu air Diardaoin, gun tig sibh ann!


Bogadh STEALL 1.1

$
0
0

timarmstrong_steallAbair oidhche a bh’ aig STEALL ann an Glaschu Diardaoin! Theich mi bho obair air an trèana bhon Chaol mu 12f, an dùil Glaschu a ruigsinn còrr is uair thràth, ach los gun robh duilleagan fliucha air an rèile, chaill mi trèanaichean, agus cha do ruig mi an café ach gu beagan mhionaidean mus do thòisich am fleadh. Chaill mi am bogadh aig an leabhar ùr aig Niall O’Gallaghar, agus is truagh sin, ach nuair a thàinig mi a-steach, bha am partaidh air bhoil agus an t-àite loma làn ghaisgeach Gàidhlig Glaschu.
img_20161027_193652527
Cha chreid mi gun robh oidhche cho spòrsail agam ann an greis mhòr. Bha faireachdainn cho bàigheil ann agus a h-uile duine moiteil à Lisa Storey agus à muinntir ChLÀR air fad leis cho grinn, brèagha ′s a tha an iris ùr. Rinn mi an leughadh agamsa agus bha cothrom agam èisteachd ri Seonag Monk a’ leughadh a’ phìos cianail èibhinn, drùidhteach aicese, Maureen NicLeòid a’ leughadh sgeulachd ghoirid ùr le Alasdair a’ Bhocsair, Pàdraig MacAoidh a’ leughadh cuid dhen bhàrdachd ùir aicesan, agus òran Gàidhlig ùr le Robbie Anndra MacLeòid. Dhearg an t-òran aig Robbie Anndra orm gu làidir, agus gun do sgrìobh e òran ann an stoidhle nuadh ach le comhardadh ceart Gàidhlig, rud nach eil idir cumanta anns an latha an-diugh.
steall_crowd
Ma chaill sibh am fleadh ann an Glaschu, ach sibh faisg air Inbhir Nis, cuimhnichibh gum bi bogadh eile ann, bogadh Steall 1.2, an ath sheachdain, Dimàirt, a’ chiad latha dhen t-Samhainn, aig 7f, ann an Artysans Café, le Aonghas Mac a’ Phì a’ seinn na pìoba, Maoilios Caimbeul agus Meg Bateman a’ leughadh, agus Iain MacIllechiar mar fhear an taighe. Ged nach bi mi fhìn a’ leughadh, thuirt Meg gum faighinn lioft sa chàr aice, agus mar sin, bidh mi ann agus deiseil airson partaidh mhòr.
stealllaunch
Dealbhan le Shelagh Chaimbeul.



Bogadh STEALL 1.2

$
0
0

meg_bBha oidhche bogaidh eile gu math soirbheachail aig STEALL ann an Inbhir Nis. Fhuair mi lioft le Meg Bateman às an Eilean Sgitheanach an dèidh obair, agus fhuair sin ann dìreach ann an àm. Leugh Maoilios Caimbeul agus Meg, agus sheinn Aonghas Mac a’ Phì a’ phìob, uile fo stiùireadh Iain MacIllechiar a bha anns a’ chathair. Cha robh mi fhìn an dùil leughadh, ach chaidh iarraidh orm ann an ruith a’ ghnothaich, agus tha mi an dòchas nach do rinn mi masladh às. Bha an sgeulachd aig Maoilios uabhasach inntinneach, ga sgrìobhadh ann an sruth-inntinn, agus ged a leugh mi an sgeulachd aig Meg mar thà, bha e fiù ’s na b’ fheàrr èisteachd rithe beò. Tha rudeigin cho taitneach mun dòigh leughaidh aig Meg.
inbhirnis_trangBha an café loma làn iomairtichean Gàidhlig Inbhir Nis, sean is òg, agus dìreach coltach ri Glaschu, bha faireachdainn dàimheil air an tachartas air fad. Chuir mi fhìn, Meg, John is Lisa Storey, agus Iain Wentworth crìoch air an oidhche aig an taigh-seinnse ùr aig Black Isle Brewery. ’S e taigh-seinnse glan, mòr, fosgailte, le mòran dighe annasach gun alcol. Ghabh mi fhìn rudeigin sùbh-craoibh, builgeanach a bha ùrachail agus an dearbh rud a bha a dhìth. Agus an rud a b’ fheàrr mun àite: bha àmhainn phiotsa aca. Bha e ro anmoch agus mar sin, cha d’fhuair mi cothrom am piotsa aca fheuchainn; feumaidh mi dol air ais!
inbhirnis_trang_2 Dh’iomain mi fhìn an càr dhachaigh, agus ged a bha na daimh a’ feuchainn ri mo chur tuathail, a’ leum nar rathad aig a’ mhionaid mu dheireadh agus iad cho tiugh ri ìm mu thaigh-òsta Chluanaidh, fhuair sinn dhachaigh slàn, sàbhailte. Abair gun robh mi claoidhte aig obair an ath latha, ach b’ fhiach e.


Cuimhnichibh gum bi am bogadh mu dheireadh aig STEALL 1 ann an Dùn Èideann air Dihaoine, an 18mh dhen t-Samhain, aig 50 Cearnag Sheòrais, Oilthigh Dhùn Èideann, aig 8f. Cha dearg mi fhìn air tighinn ann, ach air fianais nan tachartasan ann an Glaschu agus Inbhir Nis, tha e a’ dol a bhith math!

Deabhan le @BBCIainMac@LiamAlastair, agus @alisonlang. Bhideoan le Gurnnurn. Mìle taing!


Bogadh STEALL 1.2.2

$
0
0

Tha an sianail Youtube Gurnnurn air bhideo a chur suas dhiom a’ bruidhinn aig an dàrna bogadh aig STEALL ann an Inbhir Nis, ann an conaltradh ri Iain MacIllechiar còir agus a-mach air sgrìobhadh sreathach mar phòsadh eadar sgrìobhadh nobhail agus sgrìobhadh sgeulachdan goirid fa leth. Thug Iain iomradh air an fhicsean shreathach aig Charles Dickens mar eisipleir tràth dhen nos fhoillseachaidh seo, ach cuideachd, mar eisipleir tràth eile, dh’fhaodadh iomradh a thoirt air  Iain Mac Cormaic agus a’ chiad nobhail Ghàidhlig, Dùn-Àluinn no an t-Oighre ’na Dhiobarach, a thàinig a-mach an clò ann an sreath anns a’ People’s Journal ann an 1910, mus tàinig i a-mach mar leabhar ann an 1912.

Kidd, S.M. (2006) The forgotten first: John MacCormick’s ‘Dùn-Àluinn’. Scottish Gaelic Studies, 22, tdd. 197–219.


NÓS air STEALL

$
0
0

Sgrìobhadh deagh lèirmheas air STEALL le Eoin P. Ó Murchú anns an iris Èireannaich, NÓS, agus e a-mach, am measg nithean eile, air an nobhail ùir sreathaich agamsa:

Ceann de na rudaí is mó a raibh dúil agam féin ann ná an dara leabhar sa tsraith ‘Air Cuan Dubh Drilseach’ (ACDD).

Tá Tim Armstrong, a scríobh an chéad úrscéal ficsean eolaíochta i nGaeilge na hAlban, anois ag foilsiú ‘An Luingeas Dorcha air Fàire’ ina shraith ar STEALL.

Is féidir scéal sgoinneil A-Hiom, Sàl agus Rìosa a leanúint i STEALL.


Akira

$
0
0

Choimhead mi am film Anime, Akira (1988), a-rithist aig an deireadh sheachdain. Còmhla ri Blade Runner (1982), tha Akira air làrach mhòr fhàgail air coltas saibeir-punc mar nòs ficsein-saidheans. Is fhada bhon a chunnaic mi mu dheireadh e, agus tha mi a’ smaoineachadh nach eil mo bheachd air atharrachadh cus.  Ged a chanainn, a thaobh coltais, gu bheil Akira buileach àlainn, a thaobh sgeulachd, ’s e tubaist thrèana a th’ ann. Tha am film buileach gun rian. Mar eisimpleir, leugh an còmhradh seo eadar Kaneda agus Kei agus Kei a’ feuchainn ri brìgh an sgeòil a mhìneachadh do Kaneda:

KANEDA: What the hell is this “Akira” thing you keep talking about?

KEI: Ryu told me about it once. He said that Akira is absolute energy.

KANEDA: Absolute energy?

KEI: Humans do all kinds of things during their lifetime, right? Discovering things, building things… Things like houses, motorcycles, bridges, cities, and rockets… All that knowledge and energy… Where do you suppose it comes from? Humans were like monkeys once, right? And before that, like reptiles and fish. And before that, plankton and amoebas. Even creatures like those have incredible energy inside them. Because of genes, I guess. And even before that, maybe there were genes in the water and air. Even in space dust, too, I bet. If that’s true, what memories are hidden in it? The beginning of the universe, maybe. Or maybe even before that.

KANEDA: Hey, what’s the matter? Are you okay? Did you get hit on the head back there?

KEI: Maybe everyone has those memories. What if there were some mistake and the progression went wrong, and something like an amoeba were given power like a human’s?

KANEDA: That’s what Akira is?

KEI: Amoebas don’t build houses and bridges. They just devour all the food around them.

KANEDA: That’s what Tetsuo’s doing? You’re saying he has that kind of energy?!

An do thuig sibh sin? Cha do thuig na mi fhìn. Chan e ficsean-saidheans a tha sin ach seòrsa mablais nua-linneach. Is dòcha gu bheil an còmhradh a’ dèanamh barrachd ciall anns an t-Seapanais thùsaich, ach chan eil cus rian air a’ chòrr dhen sgeulachd nas motha. Ach ann an dòigh, chan eil sin gu diofar. Choimhead mi an dreach ùr ath-mhaighstirichte aig an deireadh sheachdain agus chòrd e rium glan. Tha e dìreach riochdail agus chan eil an sgeulachd chraicte a’ dèanamh gu cus diofar dhan tlachd a fhuair mi às. Mholainn gu mòr e air an alt sin a-mhàin.


Diostopach vs eutopach

$
0
0

utopiaChaidh mi gu clas litreachais aig Mark Wringe an-diugh gus bruidhinn mu dheidhinn ficsean saidheans agus bha còmhradh sgoinneil againn anns an do thogadh iomadh cuspair inntinneach, nam measg, ceist mu dheidhinn ficsean-saidheans diostopach vs ficsean-saidheans eutopach agus mun phoileataics air cùlaibh an dà ghnè sin. Mar cho-thuiteamas, nuair a thàinig mi air ais dhan oifis agus fhad ’s a bha mi a’ gabhail mo chuid lòin, chunnaic mi an t-alt seo air Boingboing, In defense of left-wing space utopias, a bha a’ toirt iomradh air alt a nochd ann an Current Affairs, The Regrettable Decline of Space Utopias. Tha mi air sgrìobhadh mun cheist seo rud beag roimhe ach tha an dà alt gu h-àrd a’ toirt an deasbaid mòran nas fhaide air adhart, agus an ùghdaran a’ beachdachadh air an dreuch aig ficsean diostopach ann an ideòlas ar cultair anns an latha an-diugh:

The slate of previews at every movie theatre has become an indistinguishably sepia-toned effluence of zombies, terrorists, and burnt-out post-apocalyptic hellscapes. […] But my general feeling is that our fondness for dystopian narratives is a pretty nasty indulgence, especially for those of us who live mostly comfortable lives, far-removed from the visceral realities of human suffering. […] Immersing ourselves in narratives where 99% of the characters are totally selfish also engrains a kind of fashionable faux-cynicism that feels worldly, but is in fact simply lazy.

Is toil leam The Walking Dead gu mòr, ach bha mi a-riamh a’ faireachdainn rudeigin salach an dèidh dhomh a choimhead, gu bheil am prògram gu bunasach glèidhteach, taobh-deas na shealladh:

We have come to view utopian narratives as inherently hokey, and preachy. But dystopias are, of course, their own form of preaching; they are preaching another hypothesis about humanity, which, due to moody lighting and oblique dialogue, has an entirely undeserved appearance of profundity, and the illusory farsightedness of a self-fulfilling prophecy.

Tha mi fhìn a’ sgrìobhadh ficsean saidheans diostopach, agus tha mi an dòchas, bho shealladh adhartach, ach tha an dà alt seo a’ toirt orm smaoineachadh: A bheil ficsean diostopach gu bunasach glèidhteach ann an seagh? A bheil cothrom ann am ficsean diostopach teachdaireachd nas adhartaich a chur air adhart, no a bheil e nas fheàrr a bhith a’ feuchainn ri ficsean eutopach a sgrìobhadh, ge b’ e cho doirbh ’s a tha sin?


Viewing all 80 articles
Browse latest View live